AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

An Gall Gaidheal

Àdhamh Ò Broin 29, Fireann
Glaschu, Alba

Càirdean Àdhamh Ò Broin

Buidhneann Àdhamh Ò Broin

Deasbadan Àdhamh Ò Broin

Alba agus an t-aite aice an drasd'....
4 Replies 

Started this discussion Freagairt as ùire le Eli 31 Jan.

 

Profile

Sgrìobh beagan mud dheidhinn:
Uill, cait' a bhith 'toiseachadh?

Tha mi 'fuirich 's a'Ghlaschu, comhla ri am bean agam 'is na dithis nionagan agam.

Tha ùidh mor agam ann an ceol, rock 's roll agus tradiseanta cuideachd agus bidh mi a'seinn agus a'cluich giotar ann an còmhlan ciuil 'The Tempus Fugitives'.

Tha ach coig orain Gàidhealach agam oir a tha mi air a bhith 'g ionnsachadh a'chanain 'son ach da bhliadhna gu leth. Mar tha, tha a'Ghaidhlig dluth rim chridhe. Chan eil cuimh' aig an seanmhair agam air duine sam bith aig an robh Gaidhlig 's a'theaghlach againn, oir a bha an canain gu bhith marbh 's a'Ghallaibh air ais ann an 19mh linn. Abair bròn gu dearbh.... ach tha i 'tighinn air ais 'is bidh an nighean agam as òige a'dol dhan Sgoil Gàidhlig Glaschu a' dhaithghearr.... :)

Uill, sin e an drasd'. Toilichte ur coinneachadh....


Àdhamh
Làrach-lìn agam
http://www.bebo.com/saoralba

Eachdraidh Theaghlach

Tha mo theaghlach ann an da mhìr. Aon às an Èireann agus an leth eile as a 'Ghallaibh. Bha Gàidhlig aig leth dhen Ghallaibhaich agus 'Caithness Scots' aig an leth eile. Chan eil mòran fiosrachadh agam mu dheidhinn an taobh Èireannach mo theaghlach, ach bha na daoine aig an athair m'athair à Baile Atha Cliath agus thainig na muinntir as a'thaobh aig a'mhathair m'athair bhon Baile Meanach ann an Antrim.

Bha na bruidheadairean Ghàidhlig mu dheireadh à Latheran, s'e Coinneach MacLeoid an t-ainm a bh'air, 's am bean aige, b'ise Seònaid Suthairleach. Fhuair iad e droch a bhith 'teagasg Gaidhlig ri na clann aca, oir dh'innis na daoine aig an robh ughdarras foghlam "Na bidh 'bruidhinn Gaidhlig ri ur clann, 's e canan gun fheum a th' ann".

Dh'innis an athair aig mo sheanamhair dhith, nuair a bha e 'fas aosda: "tha mi brònach nach do theagasg mo pharantan Gàidhlig riumsa, 's e sean canainn uabhasach alainn a th' ann". Ann na laithean sin, 's e sin barail àraid a bh'aige! Dh'innis mo sheanamhair dhomh, a bha abairtean mar 'madainn mhath', 'oidhche mhath' (a'fuamaicheadh mar 'aige mhath' a'reir mo sheanamhair ghraidh) agus 'slàinte mhath' aige. Tha mi toilichte gun dainig sin thugam co-dhiubh, na b' fheàrr na cail!

Ann an ospadal aon latha, mise nam suidhe ri taobh an leapaidh aig mo sheanamhair, agus thuirt i rium:

"A' bheil thu 'g ionnsaichadh Gàidhlig fhathast?"

"Tha gu dearbh. 'S e obair gràdh a th'ann"

"Math. THOIR I AIR AIS! Thoir a' Ghàidhlig air ais dhan teaghlach againn!"

"Seadh. Bidh mi sin a dhèanamh"

Agus tha mi 'g obair air fhathast!

Dealbhan Àdhamh Ò Broin

A' luchachdadh...

Blòg Àdhamh Ò Broin

Latha neo-eisimeilachd, An Giblean 6mh....

air an 6mh dhen Ghiblean, cruineachaidh daoine air fad na h-Alba airson a'leughadh an 'Declaration of Arbroath' agus a'deanamh soileir an neo-eisimeilachd againn bhon Riaghltas Aonichte le ach aon guth! mas e ur toil e, rach dhan duileag seo airson barrachd fiosrachadh: www.bebo.com/saoralba bu toil leam a thoirt ann glè mhòran an 'Declaration' air a leughadh tro meadhan Gàidhlig, a'riochdachadh rudeigin fior chudromach dha Alba. a'bheil duine sam bith airson 'gabhail oidhche comhla ri carai… Continue

Air a chur ann 4th March 2008 aig 11:30pm - Chan eil barailean ann (Cuir ann)

Comment Wall (15 comments)

Feumaidh tu a bhith nad bhall ann an AbairThusa airson ur barailean a thoirt seachad!

Gabh anns an Lìon seo

At 9:46pm on 30th May 2008, Each said…
Tapaidh leats air do phost.

Sann a Ghaillaibh a tha mi ach as drasd tha mi a fuirich anns an t eilean dubh.

De chanainnsa mu Gaidhlig ann an taobh tuath ? Cha bith sgeul goirid, co dhui. Tha e cuir dragh orm gu h-araid nuair a tha an paipear-naidheachd airson cunspaid a toisichadh.

Tha cuimhne agam gu robh Gaidhlig aig foigheann nuair a bha mi ann an ard sgoil. Sgoilearan 's tidsearean. Ach, aig an am, nuair a bha mi og, cha robh mi mothachail, bha uidh agam air rudan eile.

Agus bha impis oirnn air sgoil math fhaighinn agus thalla dhan oilthigh. Agus mar h-uile caraid agam, dh'fhag sinn.

Mar gach fear og, saoil thu gum bith an seann cultur 's choimearsnachd ann gu brath. Cha do bhuail e a steach orm cho brisg sa bha an choimhearsnachd gus an robh mi air falbh.

Tha Gaidhlig aig mo mhuime mar chiad chanan ged a tha ise aig aois math a nis.

Tha an cuspair nas doirbh bhon aireamh na dhaione a tighinn a-steach tron bliadhnachean. Dh'fhuirich mi ann Inbhir Theorsa far an robh Dunreay a toirt atharrachadh mhor air an sgire, tairraing a-steach dhaione bhon taobh tuath Cataibh 's sgirean eile.

De tha suid a chaillaichadh, chan eil fhios agam ?

Tha mi gu math fiach mun suidheachadh an drasd, far a bheil buill chomhairle a toirt mealladh air an choimhearsnachd beag.

Ach, a dh'aindeoin gach cnap-starra bith ionad gaidhlig a toisichadh anns an bun sgoil an ath bhliadhna.

Chan eil fhios 'am ma tha seo freagairt air do cheast ?

Calum
At 10:50am on 14th May 2008, Alasdair MacCaluim said…
Haidh a dhuine. Thoisich mi air Gaidhlig ionnsachadh ann an 1992 nuair a bha mi 18. Tha mi air a bhith a' feuchainn ri Gaidhlig na h-Eireann ionnsachadh fad bhliadhnaichean, ach chan eil mi idir fileanta ged a thuigeas is a leughas mi gu leor. Agus tha mi ag ionnsachadh Esperanto cuideachd, a' chanain eadar-naiseanta. Bha m'athair fileanta ann an Esperanto.

Tha mi
At 4:04pm on 3rd May 2008, mags said…
Hi Adhamh. 'S e an te sin a th'ann. De do chor? Tha mi ann an Ceann an Loch Ill a Chiarain an-drasta. Tha an t-side gle mhath, uill tioram co-dhiu. Chan eil sian eile a'dol agam. Tha mi a'dol a-mach air cuairt ann an ceann greis. Chi mi thu ann an cala-deug. Cheers Mags
At 12:56pm on 3rd May 2008, Alasdair MacCaluim said…
Haidh a dhuine. Dh'ionnsaich mi Gaidhlig. 'S ann a Glaschu a tha mi. Co as a tha thu fhein?
At 12:23pm on 19th April 2008, Alasdair MacCaluim said…
Haidh a dhuine. Tha mi duilich nach do fhreagair mi do theachdaireachd mu bhith a' leughadh "Declaration Obar Bhrothaig" - fhuair mi e direach mus deach mi air saor-laithean fad da sheachdain agus cha robh cothrom agam freagairt. Duilich! Tha mi ag obair do Pharlamaid na h-Alba agus mar sin, chan fhaod mi rudan mar sin a dheanamh oir feumaidh mi a bhith neo-phairteach. Alasdair
At 10:00pm on 8th April 2008, Eli said…
Tha tidsear ur againn agus tha i eòlach air sibh!
:0)

'S e Mags a th'innte.
At 5:21pm on 5th March 2008, GunChleoc said…
Tha mi toilichte gum bi do sheanmhair dachaigh an-dràsda!

Tha troiblaid agam cuideachd leis na sràcan bho àm gu àm air sgàth 's gun do leugh mi cus teacsaichean gun sràcan ann nuair a thòisich mir air ionnsachadh. Tha iad glè chudromach airson an cuid fuaimneachaidh co-dhiù!

'S e latha breagha grianach a bh' ann an-siud
At 7:10am on 3rd February 2008, GunChleoc said…
Tha mi toilichte seo chluinntinn.

Canar Arzt no Doktor 'sa Ghearmailtis.

Carson nach tèid thu ann leis an treana, cha bhi iadsan a' cur cèistean neònach riut.
At 7:33pm on 2nd February 2008, GunChleoc said…
Abair seanmhair glic a bh' agadsa!
At 2:18pm on 1st February 2008, Eli said…
a' ceartachadh

Rugadh 's thogadh mi ann an Glaschu.
tapadh leit Crisdean!
 
 

Mu dheidhinn AbairThusa

Suaicheantas AbairThusa

Sgaoil fios! Faigh suaicheantas AbairThusa airson a chur air an làrach-lìn agad. (Faigh còd)

Tabhartasan

 

© 2008   Created by Crìstean MacMhìcheil on Ning.   Create your own social network

Cuir fios mu thrioblaid  |  Fios air ais  |  Prìobhaideachd  |  Riaghailtean Cleachdaidh