Bàrdachd is sgeulachdan Acsail Òig
A Chàirdean chòir,
is e sgolair na Gàidhlig agus beul-aithris nan Gàidheal a th' annam, agus tha mi air a bhith a' fuireach ann an Albainn fad deich bliadhna a nise. Is iomadh àite a chunna mi 'an saoghal na Gàidhlig eadar an Ceathramh Ruadh thall 'an Conamara agus Rubha Robhanais, agus eadar Uidhist is Obar Dheathain, ach is ann à Hesse Uachdraich ann an teas-mheadhon na Gearmailte a tha mi o thùs. Agus mar sin, ged a tha adhbhar gu leòr agam bàrdachd molaidh a chur ri chèile air àitean breagha ann an Gàidhealtachd na h-Albann, is ann an Gàidhealtachd na h-Èireann, rinn mi luinneag air mo dhùthaich fhèin an toiseach - agus is e seo a' chiad pìos bhàrdachd-molaidh mu cheàrn 'sa Ghearmailt riamh a chaidh a dhèanamh 'sa Ghàidhlig:
O mo dhùthaich, is tu th' air m' aire,
ach chan e Uidhist a tha fainear dhomh,
chan e Uidhist a chì mi bhuam air an fhaire -
ach dùthaich bheag bhòidheach
ann an teas-mheadhon na Gearmailt',
is i an dùthaich as breagha a gheibhear fo iarmailt
tìr mòr na Roinn Eòrpa, is i làn coilltean, beanntan is creag -
is e 'Hessen' an t-ainm a th' air an àite bheag.
O Hesse, dùthaich nan coilltean is nan sliabh,
cha tig mòran an uisge na stiùireach dhuit riamh
am measg nan dùthchannan cèin
ach Alba agus Èirinn fhèin.
Dh' fhaoidte gun gabh treubhan eile
na Gearmailte dragh mu dhèidhinn
na tha mi 'cur sìos an seo,
ach chan eil mi 'cur sìos orra,
agus cha bhi, fhad 's a tha mi beò,
is mar sin, o dhùthaich mo dheòin,
cha ruigeadh e leas dhaibh gearain,
ged a dh' fhairicheadh iad leòn...
Chan e bailtean mòra mo dhùthcha 'tha mi moladh, co-dhiù -
ach beanntan is coilltean agus na bailtean beaga
eadar a' Choille Siar agus Monadh an Eòin,
agus monaidhean àrd is farsainn na Rhoen...
eadar Monadh nan Snagan-Daraich is Monadh nan Dùn !
Na sean-bhailtean, sean-eaglaisean, sean-abaidean is caisteil,
na pàlasan is na taighean spaideil ann an dùthaich nan gaisgeach
a tha mi 'moladh an seo, is iad cùis mo mhoit is mo phròis -
agus na pàircean àlainn uaine far am bu mhinig a ghabh mi fòis !
Is e seo an dùthaich dreachmhor far an do chuir mi seachad
làithean m' òig',
agus gheibhear ann iomadh bealach a dh' aithnicheadh bonn mo bhròig -
agus ged a tha mi an nise a bhos
ann an Albainn nan Gàidheal is nan Gall
seinnidh mi duanag anns an t-seann-nòs
do dhùthaich dreachmhor nan daoine dìreach thall !
Ged is toigh leam Gàidheil na h-Albann is na h-Èireann,
agus cuid de Ghoill Lòdainn is Shìorrachd Obar Dheathain,
cha dèan mi chaoidh dì-chuimhne air Hessen tlachdmhor mo mhuinntire fhèin !
Ged is toigh leam Garbh-chrìochan is Eileanan nan Gàidheal,
far am bu mhinig a ghabh mi tàmh,
is e Hesseneach treun a th' annam,
nam chridhe, is nam anam,
agus is i a' bhàrdachd seo obair mo làimh !
Acsail Òg
Seadh, seadh, dh' fhaoidte gun abair cuid de na Gearmailtich nur measg gur ann an 'Hesse Mheadhonaich' is chan ann 'an Hesse Uachdraich a bhitheadh mo bhaile fhèin, Lollar, ach coma co-dhiù, is ann à monaidhean na Hesse Uachdraich, à "Garbh-chrìochan na Hesse" a tha mo shinnsir. Is e àitean iomallach a th' annta, is iad cho bòidheach ri monaidhean na h-Albann is na h-Èireann - agus bha iad gu math Ceilteach mu 2000 bliadhna air ais. Gheibhear iomadh sean-dùn ann fhathast, agus b' e an Dünsberg no 'Cnoc an Dùin' faisg air Giessen fear de na dùin a bu mhotha nar ceàrn fhèin.
Aig bun Cnoc an Dùin, gheibhear baile beag air a bheil Fellingshausen mar ainm, ach is e "Feallehü" an t-ainm a th' air ann an dualchainnt an àite - eadar fealla-dhà agus Feallehü !
Gheibhear ann nigheanan breagha, agus tha mi eòlach air tè dhiubh troimh 'n sgoil...agus bha mi fhèin an sàs ann an obair-àrsaidheachd an siud, is mi am measg a' chiad buidheann de ghaisgich a nochd ballaichean an t-seann-dùin ann an 1999. Bha mi dìreach as dèidh a' chiad bliadhna a chur seachad air Oilthigh Obar Dheathain aig an àm sin...fhuaras tuilleadh nigheanan breagha am measg an luchd-àrsaidheachd, is mi a' teagaisg dannsa-cèilidh Albannach dhaibh. Abair gun robh deagh-chèilidh againn aig crìoch na h-iomairt !
Comment Wall (3 comments)
Feumaidh tu a bhith nad bhall ann an AbairThusa airson ur barailean a thoirt seachad!
Gabh anns an Lìon seo
Tha mi toilichte gu bheil na dealbhan agam a' còrdadh riut.
'S e uinneag Museum of Modern Art ann an Glaschu a th' ann a' chiad fear. Thug mi an darna fear aig cuirm-ciùil Beat the Drum le Runrig ann an Druim na Drochaid, agus an treas fear (a' bheinn) anns an t-Eilean Sgitheanach.