AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Each

Channel Gaidhlig

Cuine bith an channel ur againn ? agus de seorsa claran am bu choir iad a cuir air ?

Mar parant, tha mi dochas gum bith torr cartoons air. Nan bhiodh, bith mo chloinne ga choimhead an latha air fad. Gu-h araid Ben 10 neo Pokemon !!

De mu political satire ? - Tha an t-soaghal nan gaidheal cho anasoch, chan eil mise ga chreidsinn uaireanan !

Cuir freagairt ri seo

Freagairtean ris an deasbad seo

Eich,
Chan eil fios agam air nuair a bhios an t-seanal ùr a' tòiseachadh. 'S dòcha gu bheil againn beagan "run before you can walk" an seo. Bha mi a' coimhead air clàran ama Rèidio nan Gàidheal an-dè, ach chan eil "wall-to-wall broadcasting" aige idir - 's dòcha leth latha DiLuain gu DiHaoine, ach glè bheagan air deireadh na seachdaine. Chan eil càil sam bith fad na h-oidhche. Mas e seo an expectation le S4G (neo ciod sam bith a bhios iad ga h-ainmeachadh), mar tha iad ag ràdh anns a' Chuimris "Duw a'n harbedo" (God help us). Mun sheanal rèidio 24-uairean anns a' Ghàidhlig, dè 'n dòchas?
Seonaidh

Cuir freagairt ri seo

Chunnaic mi artaigail anns a' phàipear an-diugh mu a dheidhinn. Cha tuirt e ach am foghar 2008.

Cuir freagairt ri seo

Nuair a dh'fuirich mi ann an Eirean bha mo chloinne fior toilchte leis a cartoons.

Tha mi dochas nach bith an claran ro "worthy". Tha n t-eagal orm nach bith spors gu leor annta, as deidh an min-sgrudadh Urras na BBC. Tha Eorpa math dha rireabh ach bith aon turas gach seachdain gu leor riumsa.

S toigh leam Cunntas, chan eil cail sam bith mar deasbaid neo connspaid, gu h-araid far bheil deagh characteran ann, agus nach eil beachdain laidir aig h-uile !

Cuir freagairt ri seo

'S bochd nach eil iad a' cur 'repeats' an àirde gus am bi e gu tur fosgailte.
Chan eil dad ceàrr le Can Seo cuideachd agus tha e ri fhaighinn air Utube a-nis.

Cuir freagairt ri seo

Tha 2 molaidhean agam-sa:

1) Seorsa Hollyoaks Gaidhealach
2) Seorsa T4 sa Ghaidhlig

Cuir freagairt ri seo

Tha mi ag iarraidh program airson ceol roc cruaidh/meatail throm. Tha programan air reidio is TBh Gaidhlig airson ceol traidiseanta, ceol country, ceol indie, piobaireachd, ceol nua-aoiseach is eile. Is e roc cruaidh/meatailt throm an aon ghenre mor nach eil a' faighinn tide sam bith anns na meadhanan Gaidhlig, ged a tha torr mor Ghaidheal deidheil air.

Bhiodh eadar theangachadh de "In the NIght Garden" math cuideachd. Chordadh e ri mo nighean bheag. "Mioga maga mù", mar a chanadh Makka Pakka nan robh Gaidhlig aige!

Cuir freagairt ri seo

Chan eil mi a' tuigsinn carson a tha cho mòran phrògraim air Rèidio nan Gael airson ceòl traidiseanta is piobaireachd. Ma bhios sibh ag èisteachd ri Radio 2 (an ceòl as cumanta, tha mi a' creidsinn), chan eil mòran ceòl traidiseanta an sin, 's dòcha 4 uairean a thide den seachdaine. Cùm ann, luchd-ciùil Gàidhlig - bu toil leinn barrachd thrash-metal, ceòl aotrom, pop, fuar gorm amsaa. Tha e direach boring a bhith a dh'èisteachd ri piobair an-dè piobair, duanag thraidiseanta an-dè duanag thraidiseanta, jig an-dè reel. Càit' a bheil an Gàidheal ùr?

Cuir freagairt ri seo

Saeo Cuairt Choimiseanaidh Samhradh - 2008 aig SMG dhuibh:

http://www.gms.org.uk/news/contentteamjobs.php

Cuir freagairt ri seo

RSS

Mu dheidhinn AbairThusa

Suaicheantas AbairThusa

Sgaoil fios! Faigh suaicheantas AbairThusa airson a chur air an làrach-lìn agad. (Faigh còd)

Tabhartasan

© 2008   Created by Crìstean MacMhìcheil on Ning.   Create your own social network

Cuir fios mu thrioblaid  |  Fios air ais  |  Prìobhaideachd  |  Riaghailtean Cleachdaidh