AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Axel Koehler

'Rapeseed' anns a' Ghàidhlig ?

A Chàirdean chòir,

ciod am facal a chuireadh sibh air rapeseed ? Bha mi a' feuchainn bòidhchead na h-Òg-Mhìos ann an Sìorrachd Obar Dheathain a mholadh o chionn ghoirid, is gach uile rud tha fo bhlàth, ach bha am facal seo a dhìth orm - ciod a nì mi, ma tha ? Thug mi sùil air gach uile faclair as aithne dhomh, air an lìon is ann an clò, ach cha d' fhuair mi fuasgladh fhathast...

Mar sin, bhithinn fada nur comain nan robh beachd agaibhse.

Gun robh mìle math agaibh roimh làimh,

Acsail Òg

Cuir freagairt ri seo

Freagairtean ris an deasbad seo

plannt a ifrinn

Cuir freagairt ri seo

An t-olcas buidhe

Cuir freagairt ri seo

Uill, uill, a Chàirdean - abair trod ! Ciod a tha ceàrr air 'n stuth idir ? Seadh, tha fhiosa 'm - cuiridh e dragh air daoine air a bheil a' chuing, is cuiridh e mìograin air cuid eile...ach is toigh leam a bhlàth buidhe agus a fhàileadh milis, puinnsean ann no às.

Feumaidh mi aideachadh, ged thà, gu bheil e a' cur dragh orm gur cunnartach an stuth sin do leann na Gearmailte - a chionn 's gun dèanar ola dràibhidh dheth 'san latha an diugh, is gheibh na tuathanaich airgead airson a chur, bithidh tuilleadh tuathanaich Ghearmailteach a nise a' cur an "olcais bhuidhe" an àite eòrna is cruithneachd...agus mean air mhean, bithidh e a' faighinn làimh an uachdair air lusan leanna - is nuair a bhitheas sin a' tachairt, bithidh mi ag aontachadh ri Marc còir gur e "plannt à ifrinn" a th' ann. Taigh na g**** don phlannt ud - sàbhailibh leann na Gearmailte ! Sàbhailibh Hefeweizen, Bock agus Pilsener ! Agus mise ag ràdh sin, is mi a' gabhail tuilleadh leann duibh na Pilsener !

Cuir freagairt ri seo

Is beag orm an lus sin. Agus tha na h-achaidhean lán an stuith aig an ám seo. Gu sónraichte ann an Siorraichd Eabhraic, far ás a tha mi, is a' fuireach fad an t-samhraidh, bhithear Rapeseed a' faicinn gu mór. Chionn 's gu bheil an sgíre seo cho cómhnard is an t-síde nas blaithe tha duilgheadas mór againn leis. Gu fíreannach, tha facail shónraichte againn sa bheurla son t-síde mar sin a mhíneachadh, is 's e 'close' a th' ann. Is nuair a tha e bláth is fliche san adhair, is chan eil gaoithe sam bith ann, 's ann an uair sin a bhios an trioblaid as mó agam leis a' phlannt sin. Ma bhios sinn a' dráibhaidheadh ri thaobh bidh mo bhroilleach a' teannaich is mo shúilean a' sgríobach is abair an sraigheadh!

Bidh mi a' cur taic air daoine a tha ga chleachdadh airson chonnaidh is msaa, bu chóir dhuinn uile páirt a ghabhail ann an áireannachd a shábhaileadh, ach nach b' urrainn dhaibh fás a thoir air ann an taigh-ghlainne no sgáthlann!

Cuir freagairt ri seo

Chan eil mi an aghaidh cleachdadh rapeseed mar chonnadh 'san fharsainneachd, ach chan ann air cosgas leann ! Feumar cothrom a ghlèidheadh !

Cuir freagairt ri seo

Nuair a sguireas an riaghaltas pàigheadh dhà, cha bhi iad a' reic dad o chionn' s gum fàs an ola dràibhidh a nì iad dheth ro dhaor.

Cuir freagairt ri seo

RSS

Mu dheidhinn AbairThusa

Suaicheantas AbairThusa

Sgaoil fios! Faigh suaicheantas AbairThusa airson a chur air an làrach-lìn agad. (Faigh còd)

Tabhartasan

© 2008   Created by Crìstean MacMhìcheil on Ning.   Create your own social network

Cuir fios mu thrioblaid  |  Fios air ais  |  Prìobhaideachd  |  Riaghailtean Cleachdaidh