AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Caoimhín Ó Donnaíle

Eadar-theangachadh den eadar-aghaidh aig Abair Thusa

Mholainn "Mo roghainnean" an àite "Mo sheataichean". Dé ur beachdan?

Bileagan: abair, eadar-aghaidh, eadar-theangachadh, thusa

Cuir freagairt ri seo

Freagairtean ris an deasbad seo

A Chrìstein,

Tha mi a’ cur umhaill gum bi “gabh ann” agus “sguir” a’ nochdadh mar roghainnean nuair a dh’ fheuchas mi ri freagairt a chur ri deasbad, ‘s mi gun chlàradh a-steach an toiseach. Cha bhi “log a-steach” a’ nochdadh. An gabh sin atharrachadh?

Steafan

Cuir freagairt ri seo

Tha mi a' toirt sùil air ach chan eil mi a' smaoinntinn gu bheil dòigh agam airson ruadan mar sin atharrachadh.

Cuir freagairt ri seo

View all: "Seall na h-uile", no "Nochd na h-uile", no "Seall na ... gu lèir"

Who can view my pictures by default: "Cò is urrainn na dealbhan agam fhaicinn gu h-àbhaisteach", no "Cò san àbhaist is urrainn mo dhealbhan fhaicinn", no "Cò aig am bi cead mo dhealbhan fhaicinn mur can mi a chaochladh"

Cuir freagairt ri seo

Chan eil “seall gach” ceart idir, oir feumaidh ainmear an dèidh “gach”. Mar a thuirt Caoimhin, ‘s e “Seall na h-uile” as fheàrr.

Mholainn-sa structar eile seach “is urrainn dhomh” airson “Who can view my pictures by default”, oir ‘s e th’ againn sa Bheurla ach “can” airson “allowed to”, seach “can” airson “comas lèirsinn.” Agus mar sin dheth, chan e “is urrainn” a bhiodh ann, ach dìreach “Cò sheallas air na dealbhan agam gu h-àbhaisteach”.

Bidh Gàidhlig a’ cleachdadh an tràth teachdail airson “can” sa Bheurla, san t-seagh “allowed to”. Mar eisimpleir, nuair a bha mi ag obair aig Comann na Gàidhlig, thuirt an tè Uibhisteach dhomh “Bheir thu leat e ma thogras tu.” (You can/may/are allowed to take (the newspaper) with you if you wish.)

Cuir freagairt ri seo

Mholainn facal eile airson “default”. Tha mi smaointinn gun tèid “dearmad” a chleachdadh san t-seagh chompiùtaireachd. Mar eisimpleir, “air dearmad”. Bheir sùil air Dwelly’s agus chìthear gu bheil e iomchaidh.

“Cò sheallas air na dealbhan agam le dearmad.”

Cuir freagairt ri seo

As ùire: Tha mi air 41% de Abair Thusa a thionndadh gu Gàidhig a-nis ach tha fhathast 19 duilleag agam ri dhèanamh.

Tha mi feumach air a' Ghàidhlig airson:

Cancel
Yes (Tha mi a' cleachdadh seadh)
No
Thumbnail
Bulk uploader
loading
error message
application ID
embed
rewind
fullscreen
copy & paste
Rewind
Shuffle
Playlist
Filter
Feature

Cuir freagairt ri seo

Haidh a chairdean
Am biodh uidh aig daoine ann an a bhi ag eadar-theangachadh an siostam obrachaidh Ubuntu? Tha mi air a bhi ag obair air airson greis, a' deanamh piosan an siud 's an seo, ach tha mo chuid Ghaidhlig a' ciallachadh gu bheil na tha air mi air a dheanamh feumach air ath-sgrudadh,
Feumaidh tu cunntas a chruthachadh aig Launchpad agus an uairsin gabh ann sa bhuidhean Ghaidhlig.
Agus - a bheii fios aig daoine air proiseact a bha ag amas air Gaidhlig a chur air a' bhathaar-bhog Open Office? Nan robh na briatharan a chaidh a chleachdadh airson sin a dheanmah ri fhaighinn air an eadar-lin, bhiodh sin gu math feumail do dhaoine a tha ag obair air pasganan eile.

Cuir freagairt ri seo

> Cancel
"Sguir"

> Yes (Tha mi a' cleachdadh seadh)
> No
"Seadh / Chan eadh" no "Tha / Chan eil" no "'S e / Chan e" no "Dèan / Na dèan".
Tha e a' crochadh air a' cheist a bh'ann roimhe.

> Thumbnail
"ìomhaigheag" no "dealbhag" no "òrdag"

> Bulk uploader
"tomad-luchdadair-suas"
(Ach chan eil mi uabhasach riaraichte leis an eadar-theangachadh sin)

> loading
"luchdachadh"

> error message
"fios mearachd"

> application ID
"an ID aig a' phrògram"???

> embed
Chan eil mi a' tuigsinn seo gun co-theacsa

> rewind
"Ath-thòisich"? "Tòisich a-rithist"?

> fullscreen
làn-sgàil

> copy & paste
"cuimhnich agus cuir"
Nuair a rinn mi eadar-theangachadh de Opera, airson "Cut / Copy / Paste", sgrìobh mi "Geàrr / Cuimhnich / Cuir an seo" agus bha mi uabhasach toilichte gu h-àraid le "Cuimhnich" air "Copy", air is e sin a tha a' tachairt an da-rìreabh.

> Shuffle
"Measgaich"

> Playlist
"Clàr-cluiche"? "Liosta cluiche"? "Rola seinn"

> Filter
Chan eil mi ga thuigsinn gun co-theacsa, agus is dòcha rudeigin mar "sìoltachan".

> Feature
"Feart" no "Comas"

Cuir freagairt ri seo

Dè do bharail air “dearmad” airson “default”, a Chaoimhin? THa e ann an Akerbeltz fo “breithneachas dearmaid”, “default judgement” agus cha chreid mi nach e an aon chiall a th’ ann san t-seagh chompiùtaireachd.

Cuir freagairt ri seo

Chan eil mi déigheil air "dearmad" mar eadar-theangachadh air "default" ann an coimpiutaireachd, oir saoilidh mi gu bheil e caran derrogatory mar fhacal, a' buntainn ri cuideigin nach eil a' coilionadh a dhleastanas an àite ris an rud àbhaisteach.

Tha mi eòlach air an fhacal bhon Ghàidhlig Éireannaich, far a bheil e gu math cumanta agus far a bheil e a' ciallachadh rudeigin coltach ri "mearachd". Mar sin, tha “Cò sheallas air na dealbhan agam le dearmad” a' cur nam chuimhne "Who will look at my pictures by mistake".

Thuirt Aonghas Phàdraig rium an ceartair gu bheil e sa Bhioball Ghàidhlig, agus gu bheil rudeigin mar seo sna sailm, "Có a sheallas le dearmad air an Tiarna" - "Who can look disparagingly?/in sinfulness? on the Lord".

Cuir freagairt ri seo

Ceart gu leòr, ach ann an Dwelly’s, tha “neglect, carelessness, forgetfulness, inattentiveness” ann. Niste, ann am Beurla, tha ciall eile air “default”, agus ‘s e “dèan mearachd” a th’ ann an sin, le cuideam air a’ chiad lide. Tha diofar chiall air mòran fhaclan a-rèir an t-suidheachaidh, agus nuair a thug mi sùil air mìneachadh an fhacail Bheurla air faclair air-loidhne, bha e a’ bualadh orm mar fhacal math a bhiodh ann, nan reaghadh a ghabhail ris.

Co-dhiù, tha barail eile agam. Mar eisimpleir “toil”. Cò sheallas le toil air na dealbhan agam?” Dè mu dheidhinn sin?

Cuir freagairt ri seo

> "Cò sheallas le toil air na dealbhan agam?"

Chuireadh sin 'nam chuimhne, "Who will look willingly/eagerly at my pictures?"

Seo mar a tha an t-eadar-theangachadh air an làraich an-dràsta:

Cò tha comasach air mo dhealbham, bhidiothan agus blògaichean fhaicinn gu h-àbhaisteach?
- Daoine sam bith
- Mo chàirdean a-mhàin
- Mi fhìn a-mhàin
(You can override this setting for a photo, video, or blog post when you add it.)


agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin ceart gu leòr. Is dòcha, a-nis, gun sgrìobhainnse:

Cò iad gu h-àbhaiseach a chì mo dhealbham, bhidiothan agus blogaichean?
- A h-uile duine
- Mo chàirdean a-mhàin
- Mi fhìn a-mhàin
(Faodaidh tu an roghainn seo atharrachadh airson dealbh, bhideo no blog fa leth nuair a chuireas tu ann e)


Gu dearbh, chan eil "gu h-àbhaisteach" ("by default") a dhìth idir, oir tha am mìneachadh aig a' bhonn mu na dealbhan fa leth.

Cuir freagairt ri seo

RSS

Mu dheidhinn AbairThusa

Suaicheantas AbairThusa

Sgaoil fios! Faigh suaicheantas AbairThusa airson a chur air an làrach-lìn agad. (Faigh còd)

Tabhartasan

© 2008   Created by Crìstean MacMhìcheil on Ning.   Create your own social network

Cuir fios mu thrioblaid  |  Fios air ais  |  Prìobhaideachd  |  Riaghailtean Cleachdaidh