AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Peadar Ó Donnghaile

Gaidhlig (na h-Eireann) air na treanaichean

Dh'fhuair mi sgriob air ti de na traenaichean ura aig Iarnród Éireann eadar Baile Ath Cliath agus Corcaigh os cionn mios. Treanaichean taitneach, gleansach ura, le sanasan-sholais os cionn na dorsan ag innse ainm an ath steiseain, neo mar a chanas iad an Eireann "An Chead Staisiun eile"....Tha fios a'am gur a sin a chanas iad an Eireann oir is e sin mar a bha mi ga leughadh air na dealbhan-fhiosrachaidh sin, agus mar a bha mi ga cluinntinn air na labhairteaich-dhealain.

Bha leasain air barrachd dhomh: Gach trip a thanaig teachdaireachd pobalachd a mach, thanaig e aig tus as Gaelige agus an uairsin as Beurla.

Thoiseach an sanas ,( a chaidh na shiubhal thar an sgaile) aig a h-aon am agus a thoisich an teachdaire-labhairt,
ach ruith an sanas nas malla. Mar sin aobharaich an modh teachdaireachd fhein dail goirid ( as deidh fiosrachadh ás Gaidhlig ) a thug cothrom do dhaoine gun móran Gaidhlig a ghabhail greim air a' chuise mus an deach a channtainn a-rithis ás Beurla.

An trip mu dheireadh a bha mi aig an taigh mhothaich mi gu bheil a h-aon uidheam air na treanaichean aig Scotrail chun a' Chaoil. Carson nach gheibheadh sinn a h-aon inbhe seirbhis (air taobh canan) air rathad-iarainn a'Chaoil agus a gheibheas muintir a'Chorcaigh?

1 Comment

John Morton Barail le John Morton 24 May 2008 aig 10:11pm
Os cionn bliadhna no trì, thachairt dhomh sgrìobhadh ri SpotRail mu dheidhinn Gàidhlig. Chunnaic mi sanasan Beurla is Gàidhlig aig mòran stèiseanan eadar Glaschu is Mallaig, Peairt is Inbhir Nis agus Inbhir Nis is an Caol. Dh'fhaighnich mi mu dheidhinn am polisi seirbheis Ghàidhlig. Fhreagair iad nach robh an sanasan ach airson an fheadhainn-cuairt agus nach robh planaichean acasan airson càil nas motha na sin. Tha mi 'n dòchas gum bi seo ag atharrachadh an dèidh Achd Chànain 2006,, ach na cùm d' anail...

Sgrìobh do bharail

Feumaidh tu a bhith nad bhall airson barailean a sgrìobhadh!

Gabh anns an Lìon seo

RSS

Mu dheidhinn AbairThusa

Suaicheantas AbairThusa

Sgaoil fios! Faigh suaicheantas AbairThusa airson a chur air an làrach-lìn agad. (Faigh còd)

Tabhartasan

© 2008   Created by Crìstean MacMhìcheil on Ning.   Create your own social network

Cuir fios mu thrioblaid  |  Fios air ais  |  Prìobhaideachd  |  Riaghailtean Cleachdaidh