AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Alasdair MacCaluim

Rathad-Iarainn Albha-Sruighlea-Cheann Chardain

Tha mi air tiocaidean fhaghinn airson a' chiad treana do dh'Albha (Alloa). Bidh an loidhne ag ath-fhosgladh as deidh a bhith duinte fad iomadh bliadhna. Bidh na treanaichean seirbheis a' toiseachadh ann an da sheachdain ach bi turas sonraichte ann le treana smuid agus Deltic Diardaoin sa tighinn agus is mi a bhios air. Sgoinneil!

4 Comments

Des Scholes Barail le Des Scholes 10 May 2008 aig 9:12pm
'S toil leam fuaim na Deltics ach tha fhios agam nach eil a h-uile duine measail orra. Saoilidh nach robh ann ach 22 dhiubh + proto-type?
John Morton Barail le John Morton 10 May 2008 aig 11:43pm
Chan eil mi train-spotter no steam-buff (no Deltic-buff)! Ach bidh direach sgoinneil a shealltainn an lodhne ath-fhosgailte. Tha mi' n dòchas gum bi iad ag ath-fhosgladh an loidhne fad Dùn Phàrlann.

A bheil thu cinnteach air "Albha" airson "Alloa"? Tha baile eile ann an Clach Mhannainn agus 's e "Alva" an t-ainm a th' air - nach eil sin "Albha"?
Alasdair MacCaluim Barail le Alasdair MacCaluim 11 May 2008 aig 4:11pm
Chan eil mi idir cinnteach mu "Albha" Chunnaic mi sin agus "Allmhaigh" air Alloa agus chunnaic mi "Albha" air Alva cuideachd.
Alasdair MacCaluim Barail le Alasdair MacCaluim 11 May 2008 aig 4:14pm
Des a charaid, is math gu bheil thu deidheil air na deltics mar a tha mi fhein! Tha thu ceart, cha robh ach 22 dhiubh agus am prototype ann.

Tha mi air grunn dhealbhan a chur suas de rathaidean-iarrainn air mo larach air bebo: www.bebo.com/AmBroc.

Sgrìobh do bharail

Feumaidh tu a bhith nad bhall airson barailean a sgrìobhadh!

Gabh anns an Lìon seo

RSS

Mu dheidhinn AbairThusa

Suaicheantas AbairThusa

Sgaoil fios! Faigh suaicheantas AbairThusa airson a chur air an làrach-lìn agad. (Faigh còd)

Tabhartasan

© 2008   Created by Crìstean MacMhìcheil on Ning.   Create your own social network

Cuir fios mu thrioblaid  |  Fios air ais  |  Prìobhaideachd  |  Riaghailtean Cleachdaidh