AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Alasdair MacCaluim

Sgire nan Loch

Tha sinn dìreach air ais bho sheachdain ann an 'Sgìre nan Loch' ann an Sasainn. Is toil leam gu mòr Sgìre nan Loch, gu h-àraid Keswick is Ambleside. Tha coltas Gàidhealtachd na h-Alba air an sgìre ach a chionn 's nach robh Gàidhlig riamh air a bruidhinn ann, chan eil agam ri dragh a dhèanamh nach eil soidhnichean Gàidhlig ann agus nach eil Gàidhlig anns na taighean-tasgaidh agus cha bhi agam ri tòrr litrichean gràineil fhaicinn sna pàipearan ionadail bho amadain às an àite a' càineadh na Gàidhlig. Tha e brònach, ach tha e fior oir tha na rudan sin daonnan a' cur orm gach turas a tha mi air a' Ghàidhealtachd.

O – agus tha tòrr rathaidean-iarrainn inntinneach anns an sgìre cuideachd. Thadhail mi air an Ravenglass & Eskdale agus air an Lakeside is Haverthwaite.

2 Comments

Steafan MacRisnidh Barail le Steafan MacRisnidh 21 April 2008 aig 4:32pm
Halo, a bhalaich. Tha fios 'am de air a bheil thu a-mach. Tha e cur orm cuideachd. Ach, feumaidh an stri a chumail, ach an teid cuisean a chur ceart. Tha cuimhn' am air iomadh turas a rinn mi ann an car mo theaghlaich suas an A9 gu Inbhir Nis, agus thairis an drochaid gu ruige Inbhir Pheofharain gach samhradh, 's sinn a' tadhal air parantan mo mhathar. Cha robh sgeul air soidhnichean na Gaidhlig mun chuairt air Inbhir Nis idir an uairsin, ach tha a-nis. Bha sanas Gaidhlig a' cur failte oirnn gach turas a rainig sinn Inbhir Pheofharain ge-ta, ach b' e sin e. "Failte gu Inbhir Pheofharain." Saoil, a bheil e ann fhathast?
Alasdair MacCaluim Barail le Alasdair MacCaluim 21 April 2008 aig 7:54pm
Aidh a Steafain, tha thu ceart. Tha sinn a' deanamh adhartas ceart gu leor agus feumar cuimhneachadh air sin! Feumaidh sinn daonnan a bhith brosnachail - rud a tha a' cuideachadh ann a bhith a' cumail an stri.

Ciamar a tha cuisean ann an Iapan?

Sgrìobh do bharail

Feumaidh tu a bhith nad bhall airson barailean a sgrìobhadh!

Gabh anns an Lìon seo

RSS

Mu dheidhinn AbairThusa

Suaicheantas AbairThusa

Sgaoil fios! Faigh suaicheantas AbairThusa airson a chur air an làrach-lìn agad. (Faigh còd)

Tabhartasan

© 2008   Created by Crìstean MacMhìcheil on Ning.   Create your own social network

Cuir fios mu thrioblaid  |  Fios air ais  |  Prìobhaideachd  |  Riaghailtean Cleachdaidh