AbairThusa

Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Peadar Ó Donnghaile

Sgriob Mor Dhachaidh (4-6 Giblean 2008)

Mas e miltean a tha thu ag iarraidh agus sealladh air na h-Eileanan Breatuinneach ( bu sonraichte na steiseanan rathad -iaruinn), cha dean thu nas fhearr na bileag (da shligheach) eadar Caol Loch Aillse agus Corcaigh. £86. Tha mi a' smaointinn gu bheil sin mu deidhinn 10 sgillin/mile...An co-mheas le Rapsons faraidhean ur (£10.86 gach rathad Port Righ gu Caol).

Ach na till aig an ceann seachdainn am bliadhna seo ma tha cabhag ort! gu dearbh na till aig an ceann seachdainn mus am bi Network Rail air criochnachadh an ath-leasachadh den Rathad-Iaruinn Mor a thaobh Siar! Bha mi an Eire, Corcaigh an creidseadh sibh? an seachdainn a' chaidh.
Air an rathad air ais bhris mi an sgriob aig Chester ( Tha briseadh an sgriob air an rathad air ais ceadaichte leis a'bhileag seo, mar a thachair tha briseadh sgriob ceadaichte air bileagan rathad-iaruinn uair sam bith nach urrainn dhuit criochnaich an sgriob anns a h-aon latha: rud nach eil eu-chumanta ma bhitheas tu a' siubhal eadar iomallan a' bhranndair. Tha riaghailtean ann gun teagamh- bu choir dhuit a bhi air trean roimhe meadhan-latha an ath latha, ma ghabhas sin deanamh ach sin puing mineadach)

Ceadaichte ged tha, is docha gur e meirge a bha ann!

Eadar Seilbhaidhean Innleadaireachd agus tubaist carbaid air crasg-comhnard eadar Peart agus DunDeagh, Chaidh mo sgrio: bho Caer-Gybi dhan a' Chaol tro: (Fuireach mionaid theid am puirt aig Harry Lauder "The Road to the Isles" le seo )

Tro' An Caer agus Bromboro' (Cuid Oidhche) Mersey rail,
Poll a' Ghrudaidh, Preston, Bolton, Settle 's Carlisle,
Tro Glaschu, Peart, Ladybank, Dundeagh is Obar Eadhain
(Cuid Oidhche) Roimhe Inbhir Nis is Caoil.

Aaaaaaaaaaaaaaaaaaaaaaaaahhhhhhhhhhhhhhhhhhhhhhhhhh.

3 Comments

Des Scholes Barail le Des Scholes 11 April 2008 aig 9:52pm
Sgrìob inntinneach gu dearbh a charaid, Math gad leughadh - a bheil fhios agad gum faigh thu a' h-uile càil a nochdas ann a sheo air Tìr nam Blòg cuideachd? Tha biadh RSS na luib!
Agus seo beagan desbaid eile mu thrèanaichean
http://www.noclockthing.de/foramnagaidhlig/viewtopic.php?t=158
Tuilleadh air trèanaichean de bheagan vitesse :-)
Alasdair MacCaluim Barail le Alasdair MacCaluim 13 May 2008 aig 11:51am
£86 - tha sinn gu math saor airson turais cho fada!!
Peadar Ó Donnghaile Barail le Peadar Ó Donnghaile 24 May 2008 aig 8:05pm
Ann an doigh tha am faradh nas fhearr na sain....is e £43 gach rathad fa-leth. B'urrainn dhuit dol thall air an treana airson £43, bho steisean sam bith an Albainn agus fdaodaidh tu tilleadh rathad eile, air itealan mar eisimplir.
Is abhaist dhomhs a phaigh airson leabaidh air treana na h-oidhche air barrachd an £86, ach air an sgriob bhon eilean sgitheanach, mur a deanainn sin , b;fheudar dhomh cuid oidhche an Dun Eidinn neo Glaschu air an rathad a null agus aig Crewe air an rathad a nall.

Sgrìobh do bharail

Feumaidh tu a bhith nad bhall airson barailean a sgrìobhadh!

Gabh anns an Lìon seo

RSS

Mu dheidhinn AbairThusa

Suaicheantas AbairThusa

Sgaoil fios! Faigh suaicheantas AbairThusa airson a chur air an làrach-lìn agad. (Faigh còd)

Tabhartasan

© 2008   Created by Crìstean MacMhìcheil on Ning.   Create your own social network

Cuir fios mu thrioblaid  |  Fios air ais  |  Prìobhaideachd  |  Riaghailtean Cleachdaidh